Sitemap | Low Graphics Version
Gaelic Road Signs

Rannsachadh Ainm-àite ann an Colbhasa is Orasa – Saor-thoilich a dhìth

by eilidh - 15:25:11 on 2016-04-21

A bheil ùidh agaibh ann an ainmean-àite agus dualchas nàdarra? Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) ann an com-pàirteachas le Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) agus Soillse, an lìonradh nàiseanta rannsachaidh, gu bhith ri pròiseact rannsachaidh ùr air ainmean-àite Cholbhasa is Orasa agus tha sinn feumach air ur cuideachadh.

Thèid am pròiseact an sàs anns an t-sreath chliùiteach de leabhraichean dà-chànanach, A’ Ghàidhlig air Aghaidh na Tìre, foillsichte le SNH. ’S e seo an siathamh leabhran san t-sreath, agus an ceathramh ann an com-pàirteachas le ÀÀA. Mar phàirt den obair chudromaich, tha sinn a’ lorg buidheann beag de luchd-rannsachaidh saor-thoileach gus an rannsachadh ionadail a ghabhail os làimh. Ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh is ainmean-àite nan Eilean, agus Gàidhlig aig ìre reusanta fileanta agaibh, tha sinn airson cluinntinn bhuaibh. Bhiodh eòlas ionadail gu sònraichte feumail.

Gheibhear latha trèanaidh ann an Colbhasa agus taic leantainneach (a’ gabhail a-steach cosgaisean) bho AÀA gus am bi na sgilean ceart agaibh airson eòlas ionadail air ainmean-àite nan eilean ’s an dualchas ceangailte riutha a chruinneachadh. Bhiomaid an dùil gun cuireadh gach neach-rannsachaidh mu 16 uairean a thìde seachad a’ rannsachadh eadar An Cèitean ’s An t-Iuchar 2016.

Bhiomaid an dòchas gum biodh comas aig gach neach-rannsachaidh dà agallamh a thrusadh, a’ gabhail a-steach nan dleastanasan a leanas: Comharran-clèithe a dhearbhadh; An obair rannsachaidh a chur còmhla ann an cliath-dhuilleig; Agallamhan a thar-sgrìobhadh. Bhiomaid cuideachd an dòchas gum biodh aon neach-rannsachaidh deònach bùth-obrach a dhèanamh leis a’ bhun-sgoil san Ògmhios.

Ma tha ùidh agaibh, no ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, nach cuir sibh brath thugainn aig ‘oifis aig ainmean-aite dot org’ air neo 01471 888120 ro Dhiluain 2 Cèitean 2016. Bhiodh mìneachadh den eòlas is den ùidh agaibh na chuideachadh dhuinn.

Gheibhear lethbhreac den leabhran mu dheireadh, Ainmean-Àite an t-Sratha, An t-Eilean Sgitheanach, air Làrach-lìn SNH.


Add your comment

Your Name

Your Comment


Enter this number in the box below and click Send - why?Unfortunately we have to do this to prevent the website being swamped by automated spam

 
RSS Feed
Accessibility | Copyright © 2006-2011